ARD FHOGHLAM A’ TILLEADH A DH’UIBHIST

The Scotsman
23 September 1998, Chriosaidh Dick

ARD FHOGHLAM A’ TILLEADH A DH’UIBHIST
plain english version at foot of page

Tha adhartas inntinneach a’ tighinn air cothroman foghlaim do dh’inbhich air feadh na Gaidhealtachd ‘s nan Eilean, ‘s tha cùrsaichean ùra a tha gan tafann anns na h-Uibhistean ‘s am Barraigh mar eisimpleir air. Tha na cùrsaichean aig a chiad ìre ann am Foghlam Adhartach, ach se an dòchas a th’ ann gun toir iad cothrom do dh’oileanaich, mean air mhean, tighinn gu Foghlam aig Ard Ìre co-cheangailte ri Oilthigh na Gaidhealtachd.

Bho chionn trì bliadhna air ais, thàinig diofar bhuidhnean air an robh cùram gnothaichean leasachaidh anns na h-Uibhistean ‘s Barraigh comhla gus Pròiseact Leasachaidh a chur air bhonn air son Foghlam Adhartach anns na h-eileanan sin. Dh’fhasdaidh iad Gordon Wells mar oifigear leasachaidh gus beachdachadh air feumalachdan muinntir an àite.

Rugadh Wells ann an Dùn Èideann agus thogadh e anns na h-Innseachan far an robh athair ‘s a mhàthair ‘nam miseanaraidhean. Bha mhàthair à Uibhist a Tuath. Nuair a bha e glè òg bhruidhneadh e trì cànanan ach cha b’e Gàidhlig tè dhiubh.

As dèidh dha ceum oilthigh a dhèanamh ann an cànanachas, thug e greis a’ teagasg Beurla do dh’imrichean ann am Birmingham. Bha e mothachail gun robh e cudromach dhaibh sin nach cailleadh iad an cainnt mhàthaireil, agus sann leis an sin a thòisich e fhèin ri Gàidhlig ionnsachadh chun na h-ìre gu bheil e an-diugh fileanta.

Bha diofar chùrsaichean goirid a’ dol air adhart anns na h-eileanan mus do thòisich am Pròiseact, ach bha e follaiseach gun robh feum cuideachd air cùrsaichean làn thìde do dh’inbhich – feadhainn a bha air an sgoil ùr-fhàgail agus feadhainn eile a bha air son tilleadh gu foghlam no air son an dreuchd atharrachadh. Tha Wells ag ràdh, “Tha e cudromach gum biodh an cothrom seo aca. Tha cuid ann nach urrainn falbh on dachaigh air son cùrsaichean mar seo fhaighinn, agus tha feadhainn eile nach eil airson falbh on dachaigh. Tha sinne a’ measadh dè na cùrsaichean a bhiodh freagarrach air iarratasan muinntir an àite agus gan cur ri chèile.”

Se a’ chiad chùrsa a chuir iad air bhonn cùrsa teisteanais GSVQ II dhaibhsean a bhiodh ag obair ann an Seirbheis na Slàinte ‘s Roinn nan Seirbheisean Sòisealta. Tha e suidhichte an ionad Foghlaim Lìonacleit ann am Beinn na Fadhla. Se cùrsa bliadhna th’ann. Tha e fo stiùireadh Colaisde Caisteal Leòdhais agus tha bursaraidh ri fhaighinn uapa.

Se an dòchas a th’ aig muinntir a’ Phròiseact gum bi cùrsaichean mar seo mar a’ chiad cheum gu cùrsaichean oilthigh na Gaidhealtachd ‘s nan Eilean a bhith air an tafann anns an aon dòigh, le luchd-teagaisg a’co-obrachadh eadar gach ionad foghlaim a bhios ‘na phàirt dhen Oilthigh. Tha Raymond Menzies, a rinn an cùrsa mar-thà, ag ràdh: “Tha mi deònach gum bi dreuchd romham mar paramedic, agus tha an cùrsa seo air stiùireadh a thoirt dhomh air na cuspairean a bhiodh feumail. Faodaidh mi a’nis a dhol air adhart gu trèanadh sonraichte.”

Thòisich cùrsa eile air a’ bhliadhna academigich seo fhèin air son luchd-ealain. Si Fiona Pearson a tha os a chionn, agus a-rithist tha e air a stiùireadh bho Cholaisde a’ Chaisteil. Tha deichnear oileanach ann ‘s iad a’ faighinn an teagaisg ann an Taigh Chearsabhagh, taigh-tasgaidh agus ionad ealain ann an Loch nam Madadh, ‘s na h-uibhir cuideachd ann an Ionad Foghlaim Lìonacleit.

Tha dùil gum bi iad a’ deasachadh portfolio dhen obair aca air son gun tèid iad air adhart gu cùrsaichean ealain aig ìre nas airde. Mar-thà tha beachdan làidir aca air a’ chùrsa. Grace Beaton: “Tha e cordadh rium ‘s tha e brosnachail.” Agus Louise Cook: “Tha an cùrsa socair agus taiceil. Tha e ‘na chothrom mo sgilean fhèin a leasachadh. ‘S tha e toirt dhomh misneachd agus cothroman ùra air son obair fhaighinn agus air son foghlam pearsanta.”

Se rud a tha cho fìor inntinneach mun Phròiseact Leasachaidh gu bheil e toirt cothrom do chuid tilleadh gu foghlam a bha air an dì-mhisneachadh a’ chiad uair. Tha cuimhn’ a’m turas a bhith air chèilidh air ban-nàbaidh agus a bhith a’ faighneachd dhan nighinn aice, mar a bhios inbhich co-dhiù, dè bha i a’ dol a dhèanamh nuair a dh’fhàgadh i an sgoil. “Chan eil fhiosam,” ars ise. “Chan eil feum annam. Chan eil mi math chun na sgoile.”

Bha i ceithir bliadhn’ deug agus fhads a bha sinn a’ comhradh bha i a’ fighe seacaid do leanabh a peathar bho phàtran gu math innleachdach. Chuir e cas orm gun robh i a’ saoilsinn cho beag dhe na comasan a bha aice. Dè a dh’adhbharaich gun robh i cho beag misneachd?

Chan eil an-seo ach toiseach tòiseachaidh air an obair co-dhiù, oir tha muinntir a’ Phròiseact gus a bhith daonnan ag ath-bheachdachadh, ag ath-nuadhachadh na th’ aca agus a’ cur chùrsaichean ùra air bhonn mar a tha iarraidh orra.

Sann tro mheadhan na Beurla tha an dà chiad chùrsa air an teagasg ach, a’ coimhead air adhart, tha Wells a’ sùileachadh gun tafainn am Pròiseact cùrsa “Gàidhlig agus Ceòl” far am biodh ìre na Gàidhlig a rèir comas gach oileanaich fa leth, agus an cànan ga neartachadh an lùib a’ chùrsa. Bheir e cothrom do mhuinntir an àite, co-dhiù a tha iad fileanta no nach eil, an cànan a leasachadh. Tha Wells ga fhaicinn mar chothrom air oileanaich a tharraing o thaobh a-muigh na coimhearsnachd air son cur ri eaconomaidh an àite.

Tha mar sin cothroman foghlaim aig Ìre Adhartach, agus thathar an dòchas aig Ard Ìre, ri ‘m faighinn anns na h-eileanan a-rithist dluth do Theampall na Trianaid ann an Càirinis an Uibhist a Tuath, a’ chiad oilthigh a bh’ anns na h-eileanan. A rèir beul-aithris chaidh an Teampall a stèidheachadh aig toiseach an treasamh linn deug le Beathag, nighean Shomhairle Rìgh nan Eilean, air son sagartan fhoghlamachadh, ach tha e air a ràdha gum biodh uaislean an àite ga frithealadh cuideachd. Sann tro mheadhan Laidinn a bhiodh na h-oileanaich seo air an teagasg ach ‘s cinnteach gum biodh na h-uibhir de Ghàidhlig ann cuideachd. Agus a-nis a bheil a’ chuibhle air tighinn mun cuairt a-rithist?

In plain English…
Highland people have always set great store by education, but too often this has meant leaving home, never to return. Courses are now being devised which will change things for good, tying in with the higher education to be offered by the new University of the Highlands and Islands.

Nowhere are the problems more acute than in areas like Uist and Barra which have no road access to any of the UHI’s planned campuses. Three years ago the islands’ development agencies appointed Gordon Wells to assess their further education needs. He has found that what people want most of all are full-time vocational courses that can be taken locally.

First to be put on was a course for potential health and social services workers. It is taught in the Uist secondary school, Sgoil Lionacleit, under the supervision of the nearest prospective UHI campus, Lews Castle College. Next on line is an art course at Taigh Chearsabhagh, the North Uist museum and heritage centre.
Wells hopes in the future to offer a course in Gaelic and Music, which could be a money-spinner by attracting students from outside the area too.